Toirbheartan & Sìldeag an eachdraidh
Toirbheartan
Faodar Toirbheartan fhaicinn mar gheata gu Gàidhealtachd Thoirbheartain is gu seann chreagan na h-àrainneachd annasaich thoinnte gheòlasaich sin. S e clach-ghainmhich dhearg Thoirbheartain aon de na creagan as aosta san t-saoghal, air a suidheachadh o chionn 750 bliadhna. Ann an àiteachan, tha clach-eite chruaidh gheal air a mullach.
Tha clàraidhean a' sealltainn gum bu toigh le Bànrigh Bhictoria a bhith a' siubhal air an rathad eadar Toirbheartan is Diabaig aig deireadh na naoidheamh linne deug. Còmhla ri John Brown am measg chàich, thug i cunntas air a' cheàrnaidh seo mar àite fiadhaich neo-shìobhalta, mar chrìoch an t-saoghail, mar a sgrìobh i na leabhar-latha is a thuirt i, s gann gu bheil duine beò a' tighinn an seo.
Gu mì-fhortanach, thàinig na glinn sin fo bhuaidh fuadaichean air leth an-ìochdmhor, gu h-àraidh nuair a chaidh an oighreachd a reic ann an 1831 ri Còirnealair McBarnet a bh' air fhortan a dhèanamh a' gabhail brath air luchd-obrach phlanntachaidhean sna h-Innseachan. Chaidh na tuathanaich mhàl fhuadach sa bhad airson tuathanachas chaorach is cha deach fhàgail aca ach earrann bheag talmhainn airson buntàta a chur. Thuirt McBarnet nach fhaodadh màladairean caoraich no crodh a chumail, agus bha an aon bhò air a cumail san Taigh-seinnse. Mu dheireadh, ann an 1859, bha luchd-còmhnaidh an àite gu lèir air an ath-shuidheachadh ann an Annaid, aig ceann an locha, air talamh a chaidh a thoirt bhon ghlèidhteachas bhig a bh' aig sluagh an àite sin, talamh a bha air teirgsinn mu thràth is buailteach do thuileachadh. San eadar-ama dh'òrdaich McBarnet gun leigeadh luchd-àiteachaidh Alligin, baile a bha roimhe soirbheachail, seachad an caoraich. Cha robh cead aig croitearan ach aon bheathach mairt is a laogh, a chumail airson sia mìosan. An dèidh sin chaidh cairteal den talamh àitich a thoirt bhuapa is a thoirt dha cìobairean a bha a' tighinn a-steach dhan àite.
An dèidh sin chaidh an oighreachd a reic ri Donnchadh Darroch, duine beairteach à Guireag, faisg air Glaschu. Dh'atharraich fortan a-rithist an turas seo airson nì na b' fheàrr. Bha Darroch ag iarraidh frìthe, cha b' e tuathanas chaorach, agus cha robh e a' faicinn strì sam bith eadar croitearan is fèidh. Bha e cuideachd a' creidsinn gun robh caoraich a' milleadh ionaltraidhean beinne air fèidh is crodh. Mar sin, dh'fhuadaich e na caoraich, thug e na h-àiteachan ionaltraidh ìosal dha na croitearan is thug e cothrom dhaibh an crodh ionaltradh còmhla ri na fèidh air na cnuic. Thug e fearann dha na màladairean a chaidh fhuadach ann an Toirbheartan. Chuir e cuideachd feansaicheran mun talamh croitearachd gus nach itheadh na fèidh na barran a bha a' fàs. Chuir e a-mach puill-mhònach dha na seann bhailtean is dhan fheadhainn ùra, is thug e misneachd (an àite a bhith a' toirmeasg) dha bhith a' tional feamainn airson mathachadh. Thug e iasadan airgid dha na màladairean airson crodh a cheannach no airson bhàtaichean a thogail. Chaochail Donnchadh Darroch ann an Taigh Thoirbheartain ann an 1910. Air clach ri taobh an rathaid beagan a-mach à Toirbheartan, chuir a bhanntrach na facail seo:
In memory of the devotion and affection shown by one hundred men on the estate of Torridon, who, at their request, carried his body from the house here on its way to interment in the family burial place at Gourock.
Goirid an dèidh an oighreachd a cheannach reic Darroch roinn Beinn Damh ri Iarla Lovelace. Mar sin nuair a cheannaich Morair Woolavington Toirbheartan an dèidh a bhàis, b' e taobh tuath an locha a bh' ann. B' e Seumas Bochanan an t-ainm ceart a bh' air is bha e air fhortan a dhèanamh ann an companaidh Black and White an uisge-beatha. Cha do thadhail e air Toirbheartan glè thric, agus reic e e ri Sir Teàrlach Blair Gòrdan à Montreal . Chaochail esan ann an 1939 agus ochd bliadhna an dèidh sin chaidh an oighreachd a reic ri Richard Gunter à Siorrachd Yorc a ghluais gu Toirbheartan a dh'fhuireach. Nuair a chaochail e ann an 1960 cheannaich Iarla Lovelace Toirbheartan airson a chur an ceann seilbh Beinn Damh, a bha aon de na sealbhadairean roimhe air fhaighinn nuair a sgar Donnchadh Darroch e bho taobh tuath na h-oighreachd. An dèidh dha Taigh Beinn Damh a dhèanamh na thaigh-òsta thàinig an teaghlach Lovelace a dh'fhuireach a Thaigh Thoirbheartain; nuair a chaochail an ceathramh Iarla ann an 1964, ghabh Oifis na Cìse Nàiseanta Toirbheartan a-null mar phàirt pàighidh de chìs bàis, is chaidh a thoirt dha Urras Nàiseanta na h-Alba trì bliadhna an dèidh sin. Tha an taigh-òsta ga ruith a-nis le Dan Rose Bristow.
Sìldeag
Tha Sìldeag suidhichte aig ceann Loch Shìldeig a tha i fhèin na sàilean de Loch Thoirbheartain, a tha a' sìneadh gun iar-thuath a-mach dhan mhuir fhosgailte, le Beanntan Thoirbheartain air an ear-thuath agus cnuic na Comraich air an taobh eile.
Cha b' e na croitearan a chaidh fhuadach às na glinn ri thaobh a thog Sìldeag, mar a thachair leis a' mhòr-chuid de bhailtean oir-thireach eile. Chaidh a thogail aig àm Napolean (timcheall air 1800) gu sònraichte airson seòladairean a thrèanadh is fhaighinn dhan Chabhlach Rìoghail. B' e beachd Diùc Earra Ghàidheil, a bha na bhall de Bhòrd nan Àrd Mharaichean, a bha seo. Bhathas den bheachd gun robh an làrach na deagh shuidheachadh baile. Bha tuathanaich chruidh bhon sgìre a' fuireach an seo mu thràth, air gabhaltasan fada bho MacCoinnich na Comraich. An toiseach, chan fhaighear duine airson am baile a thogail agus b' ann ann an 1810 a thòisichear a' togail.
Thug an riaghaltas tabhartasan fialaidh seachad airson togail bhàtaichean, chaidh prìsean solarachd èisg, tomhasan iomchaidh de shalann gun-chìs, gu leòr fearainn dha màladairean is rathad ùr airson Sìldeag a cheangal ri Ciseorn is Loch Carrann a bharantachadh. Shoirbhich gu math le na daoine a thàinig a dh'fhuireach ann an Sìldeag. Fhuair iad air bàtaicheran mòra a thogail airson iasgach sna uisgeachan a-muigh, is thug an salann cothrom dhaibh an èisg a shailleadh air beagan chosgais mus cuireadh iad air falbh e gu margaidhean aig deas.
Mun àm san robh am baile ùr air tòiseachadh a' gnìomhachadh bha an cunnart bho Napolean air falbh; chan eil cunntas sam bith air an àireamh sheòladairean à Sìldeag a chaidh dhan Chabhlach Rìoghail.
Aig an àm seo bhathas a' meas Sìldeag mar aon de na bailtean bu bhrèagha air a' chost an iar, ach gu mì-fhortanach bha cùisean dol a dh'atharrachadh. Reic Clann MhicCoinnich na Comraich an oighreachdan mòra ri Diùc Leeds . Bha a bhean den teaghlach a dh'adhbhraich fuadaichean an-ìochmhor Chataibh. Thug i cead dha a geamair tùs-chothrom a thoirt dha tuathanaich chaorach thairis air maraichean is seòladairean. Thug e riaghailtean ùra a-steach a thug ionaltradh chruidh air falbh bho na màladairean beaga is a shuidhich iad air tuathanachasan chaorach a bh' aig fear an taigh-òsta is malartaiche ionadail. Dh'fhàs na h-iasgairean is na croitearan bochd. Nuair a bhris Diùc Leeds seilbh na Comraich na roinnean beaga chaidh oighreachd Loch Carrainn, anns an robh baile Shìldeig, a reic ri Sir Iain Stiùbhart. Chaidh a mhic a shealg fèidh gu coille Ghleann Shìldeig agus chuir iad mòran de mhàladairean Shìldeig a-mach à seilbh, a' gabhail an taighean a-null airson feum na h-oighreachd. Chaidh a' chuid mhòr den fhearann a thoirt dha tuathanaich chaorach air mhàl.
Sna 1860an, cha robh ach aon bhàt-iasgaich air fhàgail bha luchd-còmhnaidh Shìldeig ro bhochd airson an còrr a thogail ged a bha an t-iasgach math. Fhuair an oighreachd càineadh bhon Choimisean Rìoghail airson a bhith a' ceadachadh làn chairtean de mhol bhon chladach a bhith air a thoirt air falbh airson rathaidean a thogail is airson ballaist. Bha iomagain air luchd a' bhaile gun robhar a' falbh le na bha gan dìon bho stoirmean-mara. Mun àm sin bha an caladh cloiche a thog Bòrd nam Bochd aig àm gaiseadh a' bhuntàta sna 1840an fhathast an-àirde, ach tro dhìth cùraim bhon oighreachd bha e air crìonadh gu mòr.
Mu dheireadh chaidh oighreachd Loch Carrainn a reic ri na Moirich, agus dh'fhàs cùisean na b' fheàrr dha Sìldeag.
Tràth sna 1960an bha an rathad bho Loch Carrann a' stad aig Sìldeag. Chaidh rathad a thogail an uairsin gus ceangal ri rathad Ghleann Thoirbheartain a tha a' coinneachadh na prìomh slighe bho Ach na Sìne gu Geàrrloch.