Talamh coillteach mu thimcheall Toirbheartain & Sìldeag

Tha àrainneachd na coille ag atharrachadh gu mòr san àite gu lèir, bho Ceann a Tuath na Comraich gu Sìldeag, an ear gu Gleann Thoirbheartain is deas gu Loch Carrann.

Tha àilleachd nan cnoc àrda a' maireachdainn. Ach air an talamh ìosal, ‘s ann tearc is fada bho chèile a tha fuidheall seann choille uasal ghiuthais na h-Alba. ‘S i a' choille dhùthchasach as bòidhche na pìosan air Beinn Eighe, aig a' Chùil, air Beinn Damh is air slios siar Beinn Shìldeig. Ach eadar an fhearann choillteach sin tha ceàrnaidhean mòra de fhraoch feurach dian-ionaltraidh agus seisg.

‘S e an rud as nochdte thairis air na deich bliadhna a dh'fhalbh na thathas air a chur an-àirde de dh'fheansaichean fèidh. Tha coltas ann gur e deatamas sealach a tha seo. Thathas air craobhan ùra beithe a chur, còmhla ri mòran giuthas Albannach. Aon uair is gum fàs na failleanan strìtheil, faodar na feansaichean a thoirt a-nuas.

San triantan bhon Chomraich gu Ceann Loch Iùbh gu Loch Carrann, thathas air 3,600 acaire talmhainn fheansadh gu ruige seo gus a thilleadh gu fearann coillteach dùthchasach. Far a bheil craobhan inbheachail is bunan sìl air maireachdainn agus far am bi suidheachaidhean freagarrach, thèid am fearann coillteach a stèidheachadh tro ath-nuadhachadh nàdarra, Mur gabh seo dèanamh, thèid failleanan a chaidh àrach bho shìol ann am planntlannan chraobh a chur san dòigh nàdarrach. Gu ruige seo, thathas air leth mhillean craobh a chur. ‘S e giuthas Albannach a th' ann mu leth seo; tha beithe charraigeach, caorann, seileach, feàrna, critheann, geanais, seòrsa de dharach is cuileann ann cuideachd. Tha maoineachadh nam pròiseactan air a thighinn tro Sgeama Tabhartasan nan Coilltean (Coimisean na Coille), Sgeama Tàille Fearann Coillteach Tuathanais (SEERAD) agus an Crannchar Nàiseanta.

‘S e fearann coillteach le structairean measgaichte fosgailte seach coilltean dlùth do-inntrig a nochdas fa-dheòidh. Thèid pòcaidean dlùth giuthais le beithe, caorann is darach a stèidheachadh air na tuim, na druim is na sliosan fraoich as drèante; bidh beithe, feàrna, seileach is cuileann a' fàs suas cliathaichean nan allt agus bidh àiteachan fosgailte eatorra. Mar a bhios na lusan a' fàs, thig am fearann coillteach ri chèile airson leantalachd a thabhann ann an àrainneachdan is trannsachan gluasaid airson fiadh-bheatha.

Back