Tha Toirbheartan sa Ghàidhealtachd (far a bheil Loch Toirbheartain is Loch Sìldeag as lugha) air costa siar na h-Alba, air taobh siar Rois. Tha streapadairean, luchd-togail dhealbh, daoine tha dèidheil air fiadh-bheatha, coisichean agus luchd-tadhail gun àireamh, eòlach air an àite, air sgàth nan seallaidhean a thathas a' meas as àlainne san Roinn Eòrpa. Tha na beanntan (An Liaghaich, Beinn Alligin, Sgorr Ruadh, Maol Cheann-deirge) faisg air an fheadhainn as àirde am Breatainn, ag èirigh ann an àitean, dìreach gu 3500 troigh bho na lochan domhainn mara. Bidh luchd-turais a' toirt iomradh air an àile neo-àbhaisteach – gu fìrinneach ‘s e seo aon de na h-àitean as annasaiche is as sònraichte air an t-saoghal.

Sorry, Java is disabled or not installed. xatshowApplet web slideshow cannot start.

Tha Toirbheartan 110 mìle tuath air a' Ghearasdan is 80 siar air Inbhir Nis. Gu h-annasach, is e cho fada tuath, tha an gnàth-shìde air a' chosta tlàth ri linn buaidh Sruth a' Chamais. Tha buaidh mhòr aig seo air an àite. Tha feur Pampas is craobhan pailme a' fàs ann an àite a tha cho fada tuath ri Oslo .

Seach gu bheil e cho iomallach, ri linn an àireamh sluaigh a bhith a' sìor ìsleachadh agus gnàth-shìde a tha gu math tric fliuch, tha e na fhìor dheagh àite airson fiadh-bheatha annasach fhaicinn is sàmhchair fhaighinn a' coiseachd sna cnuic. Tha e comasach fad latha a thoirt a' coiseachd gun coinneachadh ri duine beò – rud nach tachair tric san rìoghachd seo.

Agus mun shìde, uill mar a thuirt coisiche sònraichte uaireigin: ‘Chan eil a leithid a rud ann ri droch shìde, dìreach aodach mì-fhreagarrach.'

~ An Liaghaich is baile Thoirbheartain air feasgar grianach geamhraidh ~

Geòlas

‘ S e beanntan Thoirbheartan an fheadhainn as aosta sa Roinn Eòrpa. ‘S i a' chreag a chithear ann an Toirbheartan aon den fheadhainn as aosta sa Chruinne – ceudan mhilleanan bliadhna – eadhon mus tàinig beatha. Tha dòrtaidhean bholcanaigeach, atharrachaidhean mòra gnàth-shìde, gluasad ann an rùsg na cruinne, bleith-talmhainn, coillteachadh agus buaidh dhaonna, uile air an cumadh fhèin a thoirt air na chì sinn an-diugh. Tha an àrainneachd a' sìor atharrachadh agus chan eil i, mar a bhios sinn uaireannan a' smaoineachadh, sìorraidh.

~ Cnuic Thoirbheartain mar a chithear iad bho faisg air Àird Heisleag ~

Tha am filleadh ‘Chlach-ghainmhich Thoirbheartanach' a shocraich air an t-seann chreig agus a tha nise sa mhòr-chuid de na beanntan mu chuairt air an àite, ag èirigh an-dràsta, is tha i air èirigh mu 70 meatair bho dheireadh Linn na Deighe nuair as sgar ìrean mara Breatainn bho mòr-thìr na h-Eòrpa.

Tha na ceàrnaidhean mòra de ghiuthas Albannach a sgaoil is a chòmhdaich còrr air leth na h-àrainn air seacadh gu corra acaire air bruaichean Loch Uachdrach Thoirbheartain, agus tha am fiadh-bheatha a th' air maireachdainn, is air soirbheachadh air leth freagarrach ann an àrainneachd a tha a' cumail daoine a-mach.

 

 

 

 

 

 

~ Gleann Toirbheartain air madainn chiùin Chèitein ~

Tha an rathad tro bhaile Thoirbheartain gad thoirt an toiseach seachad air baile bòidheach suidhichte air cladaichean Loch Toirbheartain – Inbhir Alligin. San àm a dh'fhalbh, bha grùdaireachd mhì-laghail is cùl-mhùtaireachd cumanta ann an Alligin. Bha sgoltadh falaichte nàdarra sa chreig ris an canar Uaimh a' Chùil-Mhùtaire a' falach ghnìomhan mì-laghail sam bith bho shùilean ghèidseirean air taobh eile an locha ann an Sìldeag.

Tha an rathad a' leantainn air gun iar, le seallaidhean àlainn thar Loch Thoirbheartain agus a-null gun Eilean Sgitheanach, mu dheireadh a' stad sa bhaile iasgaich, Diabaig, le a chroitean sgaoilte air an t-sliabh, a chaladh fasgach is a thuathanachas bhradan. Chaidh am baile a chleachdadh san fhilm Holywood, ‘Loch Ness', ris an fhiach sealltainn airson a sheallaidhean a-mhàin.

Ma thadhaileas tu dèan cinnteach gun stad thu aig Torridon Countryside Centre aig ceann Loch Thoirbheartain. Tha tòrr de dh'fhiosrachadh feumail ann mun àite, fhiadh-bheatha agus mu thachartasan sam bith a tha ri thighinn (mar an rèis-bhàta timcheall eilean Thoirbheartain!)

A' siubhal gun ear suas Gleann Thoirbheartain, ( a tha a' leantainn abhainn Ghairbhe mu 15 mìle bho chladaichean Loch Toirbheartain gu Ceann Loch Iùbh) thèid thu seachad air Oighreachd bhrèagha a' Chùil agus tearmann nàdair Beinn Eighe (am fear as motha ann am Breatainn, a' còmhdach 10,000 acaire –bhon loch gu mullach na beinne).

Tha fìor dheagh fhrith-rathad a' ruith deas bho Gleann Toirbheartain, seachad air Loch a' Chlàir, Loch a' Chùil is mu dheireadh a-steach gu Srath Carrann. Tha e na chòir-imeachd ri linn batal laghail sna 1930an. Chaidh a ghearradh an toiseach gus am faigheadh sealbhadair Loidse a' Chùil gun rèile ann an Loch Carrann, is tha e na chuairt àlainn tro dhùthaich fhalamh, le Càrn Breac air aon taobh is Beinn Liath Mhòr air an taobh eile. Nuair a bhios tu a' fàgail Gleann Toirbheartain, thoir sùil air ais air sealladh àlainn Beinn Eighe thairis air Loch a' Chlàir.

 

 

 

 

 

 

A' sealltainn thar Loch a' Chlàir gu Beinn Eighe

Tha Loch Toirbheartain a' dol na dà loch mara, Loch Uachdrach Thoirbheartain agus Loch Sìldeag. Air bruaichean Loch Sìldeig tha baile Shìldeig.

Sìldeag

Thogadh Sìldeag airson seòladairean a ‘thogail' is a thrèanadh gus sabaid ri Napolean. Bha tabhartasan gan toirt seachad airson bàtaichean is chaidh £2,700 a chosg a' togail nan trì prìomh shràidean. Thòisich an togail ann an 1810, ach chaill Napolean aig Waterloo agus cha deach iarraidh air fir ghaisgeil Shìldeig a dhol a shabaid idir.

~ Loch Sìldeig & baile Shìldeig ~

Chaidh an eaglais a thogail ann an 1825, is an sgoil aig deireadh na linne sin. Ann an 1893, bhris ministear Shìldeig air falbh bhon eaglais stèidhte còmhla ri ministear Ratharsaigh is stèidhich iad an Eaglais Shaor Chlèireach.

Aig aon àm bha an rathad a' crìochnachadh aig Sìldeag, agus dh'fheumadh an fheadhainn a bha a' dol gu tuath a dhol gu Toirbheartan, Inbhir Alligin no Diabaig air bàta mar luchd-siubhail coise. Bha seòrsa de fhrith-rathad, freagarrach dha coisichean, a' dol chun ear airson ochd mile an cois cladach dheas Loch Uachdrach Thoirbheartain far am faighte air a dhol air rathad a-rithist. Sna làithean sin, bha cam-rathad de 60 mìle tro Loch Carrann, Ach na Sìne is Ceann Loch Iùbh, ri ghabhail ann an càr bho Sìldeag gu baile Thoirbheartain.

 

Tuilleadh eachdraidh air an duilleig, Sealladh Eachdraidheil. Tha gnìomhachas iasgaich Shìldeig a-nise air a chuingealachadh gu musgain-caola is feusgain – is mar sin tha an t-ainm Sìldeag, (Bàgh an Sgadain) caran anabharra – ged a tha na faoileagan nas reamhra, ach tha a' mhuir fhathast cudromach ann an eaconamaidh an àite agus tha e fhathast na àite far am bi daoine òga ag ionnsachadh sgilean mara. Tha a' chiad thaighean an-àirde fhathast is mar a tha am baile a' leudachadh tha tuilleadh air a thighinn. Tha conaltraidhean leasaichte air am baile fhosgladh dha turasachd, ach tha an sluagh iomlan fhathast ag ìsleachadh. Tha mu 85 neach a-nise ann an Sìldeag làn-ùine.

Tha eilean Shìldeig còmhdaichte le giuthas a thathas am beachd a chaidh a chur a dh'aon ghnothach o chionn 130 bliadhna airson gum faighte pòlaichean dha bàtaichean is lìn iasgaich. Tha an t-eilean a-nis na làrach de shuim shònraichte shaidheansail aig an Urras Nàiseanta is tha cruinneachadh eun leithid Corra-ghrithich, Speireagan Ruadh, Eòin Dhubh an Sgadain, Comhachagan nan Cluasan Fada is Sìoltaich Dhearga ann.

Tha an rathad bho Shìldeag gad thoirt thar nam bealach as àirde am Breatainn, gu leth-eilean Na Comraich – aon de na h-àitean as iomallaiche ann an Taobh Siar na h-Eòrpa, le seallaidhean àlainn a-null gu Ratharsaigh, Ronaigh is an t-Eilean Sgitheanach (agus tràighean mìorbhaileach).

Ma tha thu a' tadhal is gu bheil neach-iùil a dhìth ort airson beanntan Thoirbheartain a rannsachadh cuir fios gu Jim Sutherland.

~ Loch Shìldeig air freasgar san Ògmhios ~

 

 

 

 

Ma tha thu airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu gheòlas, eachdraidh nàdarra is fiadh-bheatha Thoirbheartain, lean an ceangal is ceannaich leabhar Chris Lowe (bho Amazon) Torridon: the Nature of the Place - Chris Lowe .

Tha mi an dòchas gun chord an làrach ‘chan ann airson prothaid' seo ribh.

Faodar post-d a chur gu Steve aig SteveCarter.co.uk

Còraichean nan dealbh aig Steve Carter is chan fhaodar an cleachdadh gun chead (a gheibhear mar as trice)